BBC Naidheachdan

Tagradh laghail an aghaidh cùis "a' bhucais dhuibh"

Published
image copyrightPA
image captionBha an ceathrar a chaill am beatha ag obair ann an gnìomhachas na h-ola.
Bidh aig luchd-casaid feitheamh mìosan mus cluinn iad am faigh iad clàraidhean gutha agus fiosrachaidh bho thubaist heileacoptair far Shealtainn ann an 2013.
Bhàsaich ceathrar san tubaist, fear à Inbhir Nis agus tè à Eilginn nam measg.
Cho-dhùin britheamh mur tha gu feumadh Buidheann Luchd-sgrùdaidh nan Tubaistean-adhair, an AAIB, na bucais dhubh bhon heileacoptair a thoirt seachad.
Thuirt e gu robh e gu maith a' phobaill agus ceartais am fiosrachadh a thoirt dhan luchd-casaid.

BALPA

Ach tha aonadh nam pìleatan (Balpa) air cùis lagh a thogail an aghaidh sin ag ràdh gum faodadh e droch bhuaidh a thoirt air a' chultar a th' ann, far a bheil daoine a' toirt cunntasan fìrinneach seachad, rud a tha an uair sin a' brosnachadh cultar sàbhailteachd nas fheàrr.
Cluinnear a' chùis air an 1mh dhen Dùbhlachd.
Bha 18 duine air bòrd an Super Puma nuair a chaidh i dhan mhuir faisg air Sumburgh air an 23mh dhen Lùnastal 2013.
Chaill Sarah Darnely, à Eiliginn, Gary MacCrosain à Inbhir Nis, Donnchadh Rothach, à Bishop Auckland, agus Seòras Allison, à Winchester, am beatha san tubaist.