BBC Naidheachdan

Dealbhan às Uibhist air an Taisbeanadh

Published
image captionTha dealbhan de dh'Uibhist a Deas agus feadhainn a bha a' fuireach ann sna 50n ri'm faicinn ann an Gailearaidh Nàiseanta Dhealbhan na h-Alba an Dùn Èideann.
image captionChuir an dealbhadair Aimeireaganach Pòl Strand trì mìosan seachad a' togail dhealbhan ann an Uibhist a Deas agus Beinn na Faoghla.
image captionThog Mgr Strand còrr is ceud dealbh airson an leabhair aige, Tìr a' Mhurain, a chaidh fhoillseachadh ann an 1962.
image captionChaidh Mgr Strand a dh'Uibhist còmhla ris a' bhean aige Hazel Kingsbury Strand ann an 1954 an dèidh dha prògram rèidio a chluinntinn mu òrain Ghàidhlig às an sgìre.
image captionBhiodh Mgr Strand tric a' togail dhealbhan de dhaoine le balla air an cùlaibh.
image captionTha an gailearaidh ag ràdh gu bheil Mgr Strand air a mheas mar fhear de na luchd-ealain as cudtromaiche ann an eachdaidh dhealbhan.
image captionChosg e £37,000 na dealbhan fhaighinn dhan ghailearaidh. Thàinig £20,000 bho Stòras an Ealain.
image captionBi na dealbhan air an taisbeanadh gu an 20mh dhen t-Sultain