Beachdan air iarraidh mu bhusaichean

  • Air fhoillseachadh
Bagh a' Chaisteil
Fo-thiotal an deilbh,
Tha a'chomhairle an dòchas un tèid a' choimhearsnachd an sàs sa cho-luadar.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh beachd dhaoine air na busaichean ann an Uibhist 's am Barraigh.

Tha an cùmhnant airson na seirbheis an ath-bhliadhna a' dol a-mach gu tairgse a dh'aithghearr.

Thèid coinneamhan poblach a chumail air an ath-mhìos.

Gheall a' chomhairle beachdan na coimhearsnachd a chuir aig cridhe na cùise.

"Seirbheisean nas fheàrr"

Tha tachartasan coimhearsnachd air a bhith ann mur tha agus chaidh ceisteachan a sgaoileadh gu a h-uile dachaigh.

Aig na coinneamhan poblach thèid iarraidh air daoine a-rithist beachdan a thoirt air dè a bu chaomh leotha-san fhaicinn sa chùmhnant-tairgse.

Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh gu bheil iad ag amas air seirbheis nas fheàrr a thabhann agus aig an aon àm sàbhalaidhean a dhèanamh sa bhuidseat.

Thèid iarraidh air daoine innse dè na seirbheisean a tha iad ag iarraidh, càite am bu chòir dha na busaichean a bhith a' dol agus cuin.

Thèid iarraidh orra cuideachd na h-iarrtasan aca a chuir ann an òrdugh, a' tòiseachadh leis an fheadhainn as riatanaiche.

Mur a bi airgead gu leòr ann airson a h-uile seirbheis a thèid iarraidh thuirt a' chomhairle gun cuidich an siostam rangachaidh iad ann a bhith a' dèanamh cinnteach gun tèid na seirbheisean as cudromaiche a thoirt seachad.

Bi a' chomhairle cuideachd a' sireadh bheachd luchd-siubhail air an e an clàr-ama neo an seòrsa bus a tha air a chleachdadh an rud as cudtromaiche.

"Cothrom math"

A' bruidhinn air Aithris na Maidne thuirt fear de chomhairlichean Uibhist a' Tuath, Uisdean Robasdan, gur e dòigh ùr a tha seo air coimhead air mar a thèid seirbheisean a lìghrigeadh agus thuirt e gun tèid feart a thoirt air na tha daoine ag iarraidh.

"Se cothrom math a tha seo dhan choimhearsnachd agus tha e math dhan chomhairle cothrom a thoirt dhaibh na beachdan aca a chuir a-staigh.

"Thèid èisteachd riutha gun teagamh," thuirt Mgr Robasdan.

Thèid na coinneamhan a chumail ann an Sgoil Bhagh a' Chaisteil Diardaoin an 13mh dhen Lunnasdal eadar 2.30f - 7f agus ann an Sgoil Lìonacleit Disathairne an 15mh dhen Lunnasdal.

Tòisichidh an cùmhnant ùr sa Ghiblean an ath-bhliadhna.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh