Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

CalMac

Dh'fhaodadh gu bheil an tuilleadh stailcean air fàire air aiseigean a' Chost an Iar a rèir an aonaidh an RMT 's iad ag ràdh gu bheil còmhraidhean leis a'bhuidheinn CalMac air a bhith na bhriseadh dùil dhaibh. Tha còmhraidhean a' leantainn eadar an dà bhuidheann an-diugh agus a-màireach, feuch rèite a dhèanamh air ceistean mu chumhnantan-obrach, agus mu pheinnseannan a-measg eile. Aig a' cheart àm dh'innis Ministear na Còmhdhail, Derek MacAoidh, gun tèid subsadaidh na companaidh a gheibh an cùmhnant a ghearradh ma nì iad prothaidean mì-reusanta, agus gun gabhadh an riaghaltas os làimh na seirbhisean nan deadh a' chompanaidh a gheibh an cumhnant fodha air a' cheann thall.

Rannsachadh Tubaist Bhàsmhòr

Chaidh mionaid de shàmhchair a chumail aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Glaschu 's an rannsachadh tubaist bhàsmhor air tubaist làraidh-sgudail sa bhaile san Dùbhlachd an-uiridh a' toiseachadh. Bhàsaich sianar agus chaidh deichnear eile a leòn an dèidh na tubaist faisg air Ceàrnag Sheòrais trì latha ron an Nollaig. Bheir an rannsachadh sùil air slàinte an draibheir, mar a bha an làraidh fhèin ag obair, agus an t-slighe a bha i a' gabhail, am measg eile.

Sgrùdadh Poilis

Theid sgrùdadh as ùr a dhèanamh air mar a tha Poilis na h-Alba a' dèiligeadh le gairmean-èiginn anns na h-ionadan aca le Inspector nam Poileas an Alba. Tha seo a' tighinn an dèidh na thachair air an M9 bho chionn cola-deug an dèidh tubaist anns na bhàsaich dithis. Chaidh fios a chuir air na poilis ach cha deach càil a dhèanamh mu dheidhinn aig an àm. Thèid coimhead cuideachd, mar phàirt dhan rannsachadh, air mar a tha Poilis na h-Alba a' feuchainn ri àireamh nan ionadan-stiùiridh a' lughdachadh.

Tonaidh Blair

Thug an t-seann Phrìomhaire Làbarach, Tonaidh Blair, rabhadh seachad dhan phàrtaidh gun a bhith a' gluasad chun na làimhe clì. Bha Mgr Blair a' toirt seachad òraid dhan bhuidheinn-bheachdachaidh Progress ann an Lunnainn. Thàinig seo agus cunntas-bheachd bhon bhuidheinn YouGov dhan phàipear, an TIMES, a' cumail a-mach gu bheil Jeremy Corbyn air thoiseach san reis airson ceannas a' phàrtaidh.

SSE

Dh'fhoillsich a' chompanaidh chumhachd SSE planaichean gus ionad ùr a stèidheachadh do luchd-turais faisg air an dama aca ann am baile Chloichridh. Tha a' chompanaidh dhen bheachd gum bi e na thogail mòr do ghnìomhachas an luchd-turais anns an sgìre. Cosgaidh an leasachadh mu cheithir millean not uile gu lèir 's tha a' chompanaidh an dòchas gum fosgail e as t-fhoghar an ath-bhliadhn'.