Sgeulachd hydro na h-Alba ga innse

Loch Fàs na Coille Image copyright Geograph/Michael Anderson
Image caption Bu chòir gum bi an t-ionad ùr fosgailte as t-samhradh 2016.

Dh'fhoillsich a' chompanaidh Cumhachd na h-Alba sa Chinn a Deas, SSE, planaichean ionad ùr dha luchd-turais a' stèidheachadh os cionn an dàim aca faisg air Baile Chloichridh.

Tha chompanaidh dhen bheachd gun toir e togail mhòr dha gnìomhachas na turasachd.

Tha suas ri 50,000 mìle neach sa bhliadhna a' tadhal air an fhàradh-èisg aig an dàm aca aig Loch Fàs na Coille, agus tha iad dhen bheachd gun dùblaich sin ma thèid ionad ùr a thogail.

Nuair a chaidh an dàm a thogail aig deireadh na 40n b'e aon sgeama am measg grunn sgeamaichean hydro a chaidh a thogail airson cumhachd a' chruthachadh air feadh na Gàidhealtachd.

Tha SSE am beachd £4M a chosg air an ionad ùr agus tha dùil gum bi e fosgailte mun àm sa an ath-bhliadhna.

Thùirt a' chompanaidh gu robh iad an dòchas gun toireadh e cosnadh dha dusan neach.

Thèid an teicneòlas as adhartaiche a chleachdadh san ionad son sgeulachd cumhachd hydro na h-Alba innse.