Sgrùdadh air ionadan-stiùiridh nam poileas

Iain Yuill agus Lamara Bell
Image caption Bha Iain Yuill agus Lamara Bell ann an càr fad trì latha an dèidh a bhith ann an tubaist

Bheir Inspector nam Poileas ann an Alba sùil air na planaichean connspaideach airson ionad-stiùiridh Inbhir Nis a dhùnadh, mar phàirt dhen ath-sgrùdadh a thathas a' dèanamh air an dòigh sa tha an fheachd nàiseanta a' làimhseachadh fiosrachaidh bhon mhòr-shluagh.

Chuirear ath-sgrùdadh Derek Penman air ionadan-stiùiridh nam poileas air dòigh an dèidh tubaist air an M9 faisg air Sruighlea bho chionn ceala-deug far an deach dithis a mharbhadh.

Chaidh fios a chuir gu na poilis gu robh tubaist air a bhith ann ach bha trì latha ann mus deach a rannsachadh le oifigearan.

Ag innse dè gu sonraichte dè a thèid a rannsachadh san ath-sgrùdadh thuirt Inspector nam Poileas gun tèid sùil a thoirt air comas nan siostaman agus an luchd-obrach sna h-ionadan-stiùiridh gairmean a fhreagairt agus co-dhunaidhean a dhèanamh air dè a bu chòir prìomhachas faighinn.

Ach bi an t-ath-sgrùdadh cuideachd a' coimhead air mar a tha Poilis na h-Alba a' lùghdachadh àireamh nan ionadan-stiùiridh.

Tha dùil gun dùin ionad Inbhir Nis nas fhaide air a' bhliadhna.

A rèir cuid a tha na aghaidh caillear fiosrachadh ionadail a tha riatanach.

Thig rannsachadh an HMIC gu ceann san Damhair.