Aonta eadar CalMac is na h-Aonaidhean

  • Air fhoillseachadh
Bat-aisiegTùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Cha tèid tuilleadh iomairtean-obrach air adhart a-nise.

Chuirear fàilte air an naidheachd gun d'thàinig aonaidhean ciùird gu aonta le Aiseagan ChalMac Earranta agus Aiseagan Earra Ghaidheal Earranta airson stailcean a bharrachd air na seirbhisean a sheachnadh.

Dh'fhoillsich gach taobh an naideachd feasgar Diciadain às dèidh an ceithir latha de chòmhraidhean.

Thuirt aonadh an RMT gu bheil iad air an iomairt-obrach aca a chur dhan dàrna taobh leis gun d'fhuair iad gealltanas a thaobh modhanan-obrach, tuarastal agus peinnseanan.

Bha an RMT air rabhadh a thoirt gu faodadh luchd-obrach air seirbhisean aiseig a' chost an iar tuilleadh iomairtean-obrach a chur air chois ach tha iad dhen bheachd gum bi na buill aca toilichte leis an aonta a rinneadh son dìon a chur air na cosnaidhean aca.

Cùmhnant ùr

Fhuair an t-aonadh gealltanas sgrìobhte bho Mhinistear na Còmhdhail, Derek MacAoidh gu seas an sgeama peinnsean a tha aca an-dràsta, ge bi cò gheibh an cùmhnant son seirbheisean aiseag a' chost an iar a ruith.

Thig cùmhnant ChalMac, a tha a' ruith nan seirbheisean an-dràsta, gu crìch aig deireadh na h-ath-bhliadhna agus chan eil ach iad fhèin agus Serco a' cur tairgse a' staigh airson a' chùmhnant ùir.

Ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt, gheall Ministear na Còmhdhail, Derek MacAoidh, gun gabh an Riaghaltas thairis nan seirbhisean ma dh'fhàilligeas ge bith cò a' chompanaidh a bhios gan ruith fon chùmhnant ùr.

A' freagairt ceistean anns a' phàrlamaid, thuirt e cuideachd gun cailleadh a' chompanaidh sin cuid den t-subsadaidh, ma nì iad prothaidean mì-reusanta.

Tha fàilte gu sonraichte ga chuir air an aonta mu na h-aiseagan anns na h-Eileanan Siar.

Thuirt an comhairliche Uibhisteach Ùisdean Robasdan, a tha cuideachd na Iar-chathraiche air Comataidh Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, gun d'thug iomairt-obrach an RMT buaidh air na h-eileanan.

"Tha mi sàr chinnteach gun do rinn na stailcean a bha seo cron mòr air an eaconamaidh a bha seo agus chan eil mi a' creidisinn gu robh na h-aonaidhean mothachail dhan a sin idir, a' bhuil a bha e a'dol a thoirt air obraichean sna coimhearsnachdan ann an seo agus air luchd-obrach cuideachd," thuirt Mgr Robasdan.

Serco

A' bruidhinn air Aithris na Maide thuirt Mgr Robasdan cuideachd gur docha nach e droch rud a bhiodh ann ged a gheibheadh a' chompanaidh phrìobhaideach Serco, a tha a ruith aiseagan nan Eilean a Tuath, cùmhnant aiseagan nan Eilean Siar.

Fo-thiotal a’ bhidio,

An Comh. Ùisdean Robasdan a' bruidhinn air Aithris na Maidne

"Tha a' mhòr cuid a tha sinn air a bhith a' bruidhinn riudha, sin comhairlichean shuas ann, ag ràdh gu bheil iad air a bhith gu math toilichte cho math sa tha Serco air a bhith a' conaltradh ris na coimhearsnachdan agus luchd-gnìomh a-muigh an sin a thaobh nan seirbheisean, g'eil iad a' coinneachadh a h-uile mìos agus ma tha atharraichean sa bith a dhìth orra g'eil iad ga dhèanamh.

"Chan eil sinne ach airson gum bi seirbheis cinnteach againn.

"Se sin an rud a tha a dhìth oirnn agus feumaidh mise a ràdh, tha mise air a bhith a' sgrìobhadh gu CalMac thairis air na dhà neo thrì bhliadhnachan mu dheireadh agus cha bhi mi a' faighinn freagairt a' mhòr chuid dhan ùine.

"Mar sin chan eil dad a dhìth air a' choimhearsnachd seo ach seirbheis a tha cinnteach ge bith cò a tha ga lìbhrigeadh," thuirt Mgr Robasdan.

Leanaidh am pròiseas tairgse le tagradh foirmeil airson a' chùmhnant a' dol a-mach aig deireadh na mìos.