Clach-uaighe ga cuir an àirde dha Hercules
- Air fhoillseachadh
Chuirear clach-uaighe air uaigh mathain a dh'fhàs ainmeil nuair a chaidh e a dhìth ann an Uibhist bho chionn 25 bliadhna.
Bha Hercules, a bhasaich bho chionn 15 bliadhna, ma sgaoil ann am Beinn na Faoghla fad 24 latha ann an 1980.
Chaidh Hercules a cheannach fhad 's a bha e na chuilean le Andy agus Maggie Robin.
'S ann airson sanas a chlàradh a chaidh a thoirt a Bheinn na Faoghla.
Ach feumaidh nach do chòrd an gnothach ris ro mhath son theich e.
An dèidh 24 latha a' seachnadh iadsan a bha a-muigh ga lorg, chaidh Hercules a ghlacadh, rud a bha na fhaochadh mòr do mhuinntir na sgìre agus an dithis leis an robh e.
Fhuaireadh lorg air a' snàmh agus chaidh a bhualadh le gath gus a chur na chadal agus a thilleadh do Mhgr Robin air heileacoptair.
Bha am mathan air fasig air 20 clach de chuideam a chall anns an ùine sin, agus e gun eòlas seilge.
Nuair a bhàsaich e ann an 2000, chaidh a thiodhlaigeach ann an gàradh an teaghlaich ann an Siorrachd Chlach Mhanainn.
Ach chuir iad romhpa bho chionn ghoirid Hercules a thoirt às an uaigh agus a thiodhlageach às ùr ann an Coille Langais ann an Uibhist a Tuath.
Theid a' chlach-uaighe a chuir an àrda Diardaoin ri taobh iomhaigh fiodha dhen mhathan fhèin.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 22 An Gearran 2013