Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

FAI

Dh'innis fear do chriubha an làraidh sgudail a mharbh sianar ann an Glaschu gun robh eagal a bheatha air nuair a chaidh smachd a chall air a' charbad agus a chaidh bualadh ann an luchd-coiseachd air Ceàrnag Sheòrais. A' toirt fianais do rannsachadh tubaist-bhàsmhor, thuirt Henry Toal nach b'urrainn dha dad a dhèanamh fhad sa bha an làraidh a' dol aig astar sìos Sràid na Banrigh san Dubhlachd an-uiridh. Dh'innis e do Chùirt an t-Siorraidh ann an Glaschu gun cuala e co-obraiche dha ag eibheachd air an draibhear, Harry Clarke, gun robh e a' marbhadh dhaoine. Tha sgrùdadh ga dhèanamh air staid a' charbaid, an t-slighe a ghabh an carbad agus slàinte Mhgr Clarke.

RTA

Tha fiosrachadh air tighinn a-steach gu bheil an A9 dùinte aig Dail Chuinnidh às dèidh tubaist rathaid. Tha na poilis carbadan eiridinn agus luchd-smàlaidh an lathair far an deach carbad 4X4 agus làraidh na chèile. Tha an rathad dùine, ach tha na poilis ag ràdh nach eil iad a' smaoineachadh gun deach duine a dhroch ghoirteachadh aig an ìre-sa.

CalMac

A rèir Iar-chathraiche Comataidh Comhdhail Comhairle nan Eilean Siar dh'fhaodadh nach e droch rud a bhiodh ann nam buannaicheadh Serco an cùmhnant airson seirbheisean aiseig a' chost an iar. Thuirt Uisdean Robastan gu bheil na h-uidhir do luchd-gnothaich ionadail an ìre mhath coma co a bhios a' ruith nan aiseagan cho fad 's gum faigh na h-eileanan seirbheis nas fheàrr na tha iad a' faighinn an-dràsta. Bha Mgr Robasdan a' bruidhinn agus CalMac air aonta a ruighinn leis an RMT agus an TSSA a tha a' ciallachadh nach tèid an còrr stailcean a ghairm air aiseagean na companaidh.

Ceannairc

Dh'aidich balach, aois coig bliadhna deug, à Blackburn, ri casaid gun do bhrosaich e ceannairc le a bhi a' brodadh deugaire ann an Astràilia gus oifigearan poilis a mhort air Latha Anzac. Chuala a' chùirt gun robh am balach air a bhi a' conaltradh le fear, aois ochd bliadhna deug, ann am Melbourne. Cha deach an ionnsaigh air adhart, agus thèid binn a chuir air a' bhalach san t-Sultain.

A' Ghreug

Dh'aontaich buill parlamaid na Greige gabhail ri sreath do chùmhnantan ùr a chaidh a' sparradh orra le luchd-creideis na dùthcha. Bheir na cùmhnantan buaidh air riaghailtean bancaidh agus siostam ceartais na dùthcha. Tha am bhòt a' ciallachadh gum faod còmhraidhean tòiseachadh mu sgeama-iosaid luach ceithir fichead sa sia billean Euro.

Young's Seafoods

Theid coinneamh a chumail an-diugh a' dh'fhaicinn a bheil dòigh ann airson dìon a chuir air còrr is naoi ceud obair ann an Ceann Phàdraig agus Baile nan Granndach. Dh'fhoillsich Young's Seafoods na bu tràithe air a' mhìos gun dùineadh iad na h-ionadan aca sna bailtean ud, às dèidh dhaibh cùmhnant mòr a bh'aca le Sainsbury's a chall.

Golden Veroleum Liberia

Chaidh cuir as leth companaidh a tha a' toirt ola bho chraobhan pailm gun do chleachd iad plàigh an Ebola airson an gnìomhachas aca a leudachadh. Thuirt a' bhuidheann-iomairt, Global Witness, nuair a bha taobh Siar Afraga air a ragadh leis a' ghalar, gun do chleachd Golden Veroleum sin mar chothrom airson na mìltean acairean do choille nàdarra a leagail ann an Liberia. Tha a' chompanaidh a' dol às aicheadh nan casaidean.