Leanaidh plana ionadan-stiùiridh a dhùnadh

Iain Yuill & Lamara Bell
Image caption Bha Iain Yuill agus Lamara Bell ann an càr fad trì latha an dèidh a bhith ann an tubaist

Dhearbh Poilis na h-Alba gu bheil iad a' leantainn orra le'm planaichean na h-ionadan-stiùiridh ann an Inbhir Nis agus Obar Dheathain a dhùnadh ro dheireadh na bliadhna.

Bha iarrtasan ann na planaichean a chuir a dhara taobh agus ath-sgrùdadh a' dol mun dòigh anns a bheil na poilis a' làimhseachadh fiosrachaidh a tha iad a' faighinn bhon mhòr-shluagh.

Thathas airson na h-ionadan-stiùiridh a dhùnadh mar phàirt dhan chrathadh a thathas a' toirt air an t-seirbheis agus aon feachd poilis ùr air a stèidheachadh ann an Alba.

Fo na planaichean tha còir aig ionad Obar Dheathain dùnadh san t-Sultain, mìos mus tèid co-dhunadh an ath-sgrùdaidh aig Luchd-sgrùdaidh nam Poileas (HMICS) fhoillseachadh.

Chaidh an t-ath-sgrùdadh iarraidh an dèidh do dhithis bàsachadh ann an tubaist rathaid air an M9 ann an Siorrachd Shruighlea nach deach a rannsachadh le na poilis gu trì latha as dèidh dhith tachairt.

Dh'iarr am ball pàrlamaid Albannach Lewis Dòmhnallach, a tha sa Phàrtaidh Làbarach, gun deigheadh dàil a chuir air na planaichean gu as dèidh ath-sgrùdaidh an HMICS.

Thuirt Poilis na h-Alba, ge-ta, gu bheil iad a' leantainn orra le'm planaichean.

Tha Ùghdarras Poilis na h-Alba ag ràdh gur dòcha nach tèid na h-ionadan a dhùnadh san àm a bha dùil leis nach deach tòiseachadh a' conaltradh leis an luchd-obrach mun chùis fhathast.