Leudachadh air pròiseact gaoithe Ghabhsainn

  • Air fhoillseachadh
Crann-gaoithe
Fo-thiotal an deilbh,
Thog an t-Urras còrr is £700,000 le bhith a' reic earrannan sa phròiseact

Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn ann an Leòdhas air dà chrann-gaoithe eile a chuir suas, às dèidh dhaibh maoineachadh a thrusadh le bhith a' reic earrannan anns a' phròiseact.

Tha trì cruinn aca a-nis, ach tha iad fhathast a' feitheamh ris an fheadhainn ùr aca a cheangal ris a' Ghriod Nàiseanta.

Tha iad an dòchas gum faigh iad ionmhas às na cruinn airson a chumail ri pròiseactan anns a' choimhearsnachd an ceann bliadhna.

Seachad air an targaid

Thog an t-Urras còrr is £700,000 le bhith a' leigeal le daoine earrannan a cheannach anns a' phròiseact.

Bha sin tòrr a bharrachd na bha iad a' sùileachadh, a-rèir fear de stiùirichean an Urrais, Tormod MacThòmais.

"Bha sin fèir mìorbhaileach agus thàinig an t-airgead à diofar àitean cuideachd - chan e a-mhàin na thàinig às a' choimhearsnachd againn fhìn ach a bharrachd air an sin thàinig airgead à ceann a deas Shasainn 's à Èirinn agus à àitean mar sin 's bha sinn gu math toilichte mar a chaidh a' chùis leinn".

Thuirt Mgr MacThòmais, nach eil planaichean aca aig an ìre-sa airson cur ris an tuath-gaoithe aca,

"An-dràsta nì sin a' chùis dhuinne - chan eil dùil againn an-dràsta càil a dhèanamh ach bidh sinn a' coimhead air adhart cuideachd dè ghabhas a bhith air a dhèanamh anns na bliadhnaichean a tha teachd cuideachd".