Mì-thoileachas le SSE

Suaicheantas SSE Image copyright Other
Image caption Tha cìs 2sg a' dol air gach aonad dealain a thèid a chleachdadh ann an sgìre na Gàidhealtachd 's nan Eilean

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' sgrìobhadh gu riaghladair a' chumhachd, Ofgem, 's iad a' sireadh soilleireachaidh mu thairgsean na companaidh cumhachd SSE.

Tha dragh air a' Chomhairle nach robh tairgse, fom faigheadh luchd-cleachdaidh prìs nas ìsle, ri fhaighinn ach airson ùine ghoirid, agus a-mhàin dhaibh-san a bha a' pàigheadh airson an dealain aca tron bhanca le Direct Debit.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gum bu chòir prìsean nas ìsle a bhith ri fhaighinn dha luchd-cleachdaidh na companaidh air fad.

Tha gach aonad dealain a' cosg 2sg a bharrachd ann an sgìre na Gàidhealtachd 's nan Eilean, 's a' chompanaidh ag ràdh gu bheil sin air sgàth 's gu bheil e a' cosg barrachd dhaibh-san dealan a chumail ri na sgìrean seo.

Tha SSE ag ràdh gur e an dòigh as fheàrr cur às dhan chìs seo 's e prìs nàiseanta a stèidheachadh a dh'fhàgadh gur e an phrìs a phàigheadh luchd-cleachdaidh ge bith càite am biodh iad.

Bochdainn connaidh

Thuirt Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gu robh dragh orra-san nach fhaigheadh an fheadhainn as fheumaiche air brath a ghabhail air tairgsean na companaidh.

"Tha e math dhan fheadhainn as urrainn fhaighinn - chan eil teagamh sam bith ann mu dheidhinn sin - 's bha e follaiseach aig toiseach na mìos gu robh iad a' tabhainn sin dha cuid de dhaoine ach gu mì-fhortanach 's e an fheadhainn as miosa a thaobh bochdainn connaidh, 's e sin an fheadhainn 's dòcha nach eil e comasach dhaibh greimeachadh air an sin agus tha iad-san a' pàigheadh chìs nas àirde na àitean eile anns an rìoghachd fhathast", thuirt e.

Cha robh an tairgse ri fhaighinn ach dha àireamh sònraichte de dhaoine ach tha Mgr Dòmhnallach ag ràdh gur e na dh'iarradh iad-san ach gum biodh e ri fhaighinn dhan a h-uile duine.

"'S dòcha nach eil an eadar-lìon aca - 's dòcha nach eil cuid de dhaoine, gu h-àraidh seann daoine nach eil iad a' greimeachadh air cuspairean bann-leathann mar a tha daoine eile agus glè thric 's e sin an fheadhainn as motha a tha a' fulaing".

Thuirt neach-labhairt bho SSE gum feumadh iad an tairgse a tharraing air sgàth an iarrtais mhòir a bh' ann agus nach robh e ri fhaotainn tuilleadh.

Aig a' cheart àm thuirt iad gur e SSE an aon chompanaidh a tha a' cumail nam prìsean aca aig an aon ìre gu 2017.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile