Iomairt snàimh ga cuir dheth
- Air fhoillseachadh

Bha dùil gun tòisicheadh an iomairt madainn Dihaoine
Chaidh oidhirp gus snàmh eadar na Hearadh agus Hiort a chuir dheth rè ùine air sgàth na sìde.
Bha dùil aig a' bhuidhinn de naoinear luchd-snàimh falbh tràth madainn Dihaoine.
Dh'fheuch iad air an t-slighe a dhèanamh an toiseach an uiridh ach b' fheudar dhaibh an iomairt a leigeal às às dèidh dhaibh 24 mìle a dhèanamh.
Tha dùil gum feuch iad a-rithist an ath-sheachdainn ma cheadaicheas an t-sìde.
'S ann airson airgead a thogail do charthannas a tha an iomairt.