Dachaigh-cùraim Bhethesda ga leudachadh

Dachaigh-cùraim Bhethesda
Image caption Bheir an leasachadh an àireamh leapannan ann am Bethesda suas gu 30.

Tha dùil gun tòisich obair là sam bith tuilleadh a bheir leudachadh air dachaigh-cùraim Bhethesda ann an Steòrnabhagh.

Cuiridh an obair 9 leapannan a bharrachd ris an dachaigh-chùraim, agus thig suas ri 15 cosnadh na lùib.

Thathas fhathast a' feitheamh fios mun chnap airgid mu dheireadh a tha a dhìth, 's dòchas aca gur ann bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a thig sin.

Maoineachadh

'S ann bhon Aimeireaganach Màiri Trump Barry - aig a bheil ceangal teaghlaich ri Leòdhas - a thàinig cuid mhath den airgead airson an leasachaidh.

Fhuaireas airgead cuideachd bho Bhòrd Slàinte nan Eilean agus Comhairle nan Eilean Siar.

Ged a tha airgead fhathast a dhìth orra, thuirt Oifgear Ionmhais Bhethesda, D.R. Dòmhnallach, gun robh iad misneachail gun tigeadh sin.

"Mar a chaidh Bethesda a chruthachadh an toiseach 's ann gu mòr an eisimeil air creideamh a chaidh sin a dhèanamh agus tha sinn a' dol air adhart le seo ann an creideamh gum faigh sinn an taic a tha sinn a' feumachdainn airson an obair a chrìochnachadh".

Cosgaidh an obair gu lèir suas ri £500,000.

Obraichean ùra

Thuirt Mgr Dòmhnallach gum bi an leasachadh cuideachd gu maith na coimhearsnachd a thaobh obraichean.

"Tha sinn mar-thà a' cur suas ri £1m a-steach dhan choimhearsnachd agus tha seo a' dol a chur tuilleadh ris an sin".

Thathas an dùil gun toir an obair mu 16 seachdainnean, agus gum bi na leapannan fosgailte ann am meadhan na Samhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile