Gin na Hearadh air fàire
- Air fhoillseachadh
Tha dùil gum bi cothrom blasad fhaighinn den chiad deoch "gin" a thig as na h-Eileanan Siar bhon t-Sultain.
Bidh an gin ùr - anns am bi feamainn am measg rudan eile - a' tighinn à Taigh-Staile ùr na Hearadh nuair a dh'fhosgaileas e.
Bidh treis fhathast ge-tà, gus am bi an t-uisge-beatha fhèin deiseil airson òl.
Tha an taigh-staile ùr a' dèanamh gin leis gun gabh sin reic nas luaithe na uisge-beatha, gus airgead a thoirt a-steach san eadar-ama.
"Tha e sònraichte air sgàth 's gur e seo a' chiad trup a tha gin air a dhèanamh sna h-Eileanan an iar," thuirt thuirt Dòmhnall MacLeòid bhon taigh-staile.
"Agus tha na rudan a tha a' dol ann, 's e dearcan aitinn 's coireaman 's rudan mar sin as trice a th' ann, ach anns na h-Eileanan an Iar ann an seo, bha sinn airson rudeigin a chur ann a bha sònraichte dhan àite.
"Agus 's e feamainn a thagh iad airson a chur na mheasg.
"Cha robh dùil againn gun robh duine sam bith air sin a dhèanamh ron a seo.
"Tha iad ag ràdh rinn gum bi e milis. Chan e feamainn a tha ri faighinn air a' chladach. Tha i nas isle na sin, agus 's e feamainn siucair a chanas iad ris.
"Ach chan urrainn dhomh a ràdh riut le cinnt dè ris am bi e coltach fhathast. Cha d' fhuair sinne air fheuchainn, ach dìreach an t-fhàilleadh fhaighinn fhathast.
"Tha sinn gu bhith a' fosgladh an taigh-staile deireadh na Sultaine. Agus tha sinn an dòchas nuair a dh'fhosglas sinn e, gum bi an gin againn airson a bhith ga reic an là sin," thuirt e.