Obair mhòr air seann sgoil Bhràgair

Seann bhun-sgoil Bhràgair
Image caption Dhùin an sgoil, a th' air taobh siar Leòdhais, ann an 2012.

Dh'fhaodadh gun cosg e còrr is £700,000 gus seann bhun-sgoil Bhràgair air taobh siar Leòdhais a leasachadh mar àite-cruinneachaidh dhan choimhearsnachd.

Chaidh an sgoil a ghabhail thairis leis a' choimhearsnachd às dèidh dhi dùnadh bho chionn trì bliadhna.

'S ann ris an Urras Choimhearsnachd a bhios an obair-leasachaidh sin an urra.

"Cridhe na coimhearsnachd"

Bha an sgoil air a bhith aig meadhan na coimhearsnachd ann am Bràgair bho dh'fhosgail i ann an 1876.

Tha Oisean Gàidhlig a-nis ga chumail anns an togalach 's e na amas aig an urras a' Ghàidhlig a bhrosnachadh anns an sgìre.

Thuirt Oifigear-leasachaidh an Urrais, Eoghann MacLeòid, gu bheil feum ga dhèanamh den togalach le muinntir an àite.

"Tha e fosgailte ceithir làithean san t-seachdain agus bidh daoine dìreach a' tighinn airson beagan Gàidhlig a bhruidhinn neo a bhith a' leughadh - tha e air a bhith a' còrdadh ri daoine gu ruige seo co-dhiù".

Thuirt e nach eil cinnt aca fhathast dè na chosgas an obair-leasachaidh leis mar a tha na planaichean aca a' sìor fhàs.

Bidh iad a' coimhead gu mionaideach ris na planaichean aca anns an ath-chola-deug agus a' coinneachadh ri ailteirean.

Thuirt Oighrig NicLeòid, a chuir seachad bliadhnaichean mòra a' fuireach ann an Canada, gun do chuir i umhail air mar a bha an sgìre air atharrachadh fhad 's a bha i air falbh.

"Nuair a thill mise ann an seo bho chionn còig bliadhna ghabh mi iongnadh cho sàmhach 's a bha an t-àite - cha robh mi a' cluinntinn càil - cha robh fuaim ann, cha robh clann ann 's cha robh beartan ann co-dhiù mar a bha - ach saoilidh mi gu bheil an t-àite air beothachadh le seo agus rudan eile a tha a' tachairt".

Tuilleadh air an sgeulachd seo