Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Am Morair Sewel

Dh'innis am Morair Sewel gum bi e a' fàgail Taigh nam Morairean às dèidh do chasaidean nochdadh gun robh e a' gabhail dhrogaichean còmhla ri siùrsaich. Thuirt na Poilis gu bheil iad air rannsachadh a thòiseachadh air na casaidean a nochd ann am pàipear-naidheachd nàiseanta.

An Eaconamaidh

Thuirt an t-Seansalair Seòras Osborne gu bheil àireamhan ùra a' dearbhadh gu bheil eaconamaidh Bhreatainn air an t-slighe cheart. Thuirt e gun robh Breatainn "motoring ahead", agus figearan ag ràdh gun tàinig fàs de 0.7% air an eaconamaidh anns an dàrna cairteal den bhliadhna. Bha sin suas bho 0.4% sa chiad chairteal den bhliadhna.

Saif al-Islam Gaddafi

Thug cùirt ann an Libia binn bàis do mhac a' Chòirnealair Gaddafi, Saif al-Islam, agus ochdnar eile. Thèid am marbhadh le sguad losgaidh. Chaidh an diteadh airson eucoir cogaidh agus mar a chaidh dèiligeadh ri luchd-iomairt ann an Libia tron ar-a-mach an sin ann an 2011.

An Tuirc

Tha coinneamh aig NATO sa Bhruiseil an-diugh mu iomairtean na Tuirce an aghaidh feachdan na Stàite Ioslamaich agus feachdan Kurdach. Tha Riaghaltas na Tuirce, a dh'iarr na còmhraidhean, ag iarraidh taic bho NATO, ged a tha na feachdan Kurdach cuideachd a' strì an aghaidh IS.

Sgìrean Glèidhte Mara

Tha iasgairean anns na h-Eileanan Siar ag ràdh gum bu chòir stad a chur air sgìrean mara glèidhte san sgìre, 's iad ag ràdh gu bheil am fiosrachadh air an deach an stèidheachadh ceàrr. Tha iad ag iarraidh taic bho riochdairean poileataigeach na sgìre a thaobh a bhith ag atharrachadh planaichean an Riaghaltais.

Tuathanaich

Thug ceannard Aonadh nan Tuathanach ann an Alba rabhadh seachad mun droch bhuaidh mhaireannaich a bhios aig sìde fhliuch an t-Samhraidh air tuathanaich. Thuirt Ailean Bowie gun robh trioblaidean mar thà le leithid saoidhleid ullachadh, agus gum biodh buaidh aig an aimsir fhliuch air tuathanaich a-steach gu mìosan a' Gheamhraidh. Bha Mgr Bowie a' bruidhinn agus e a' tadhail air tuathanaich a tha a' fulang leis an droch shìde ann an Gallaibh.