Togail mòr air fàire do Chataibh

Plana an ionaid ùir
Image caption Bidh an t-ionad ùr air chumadh bradain.

Bheir ionad ùr Eas Shìn ann an Cataibh a bhios air a ruith leis a' choimhearsnachd togail mòr do dh'eaconamaidh na sgìre, am beachd na comhairle coimhearsnachd.

Bha Tormod Dòmhnallach a' toirt seachad a bheachd agus Urras Chaol Chataibh air cead-dealbhachaidh fhaighinn airson goireasan ùra a chur an àite an t-seann ionaid.

Chaidh an togalach air an robh 'Harrods of the North' na theine bho chionn dà bhliadhna.

Feumaidh a' choimhearsnachd a-nis còrr is £1m fhaighinn airson a' phròiseact a thoirt air adhart.

Bradan

Thuirt Mgr Dòmhnallach gu bheil ionndrainn mòr air an ionad.

"Bha buaidh mhòr aige sin air an sgìre, bhon bha an t-uabhas a' tadhail air an àite," thuirt e.

"Agus nuair a chaidh e na theine, cha robh àite ann dhan tigeadh daoine. Bha na busaichean 's na coidsichean 's a h-uile càil a bh' ann a' tighinn à Inbhir Ghòrdain 's mar sin nuair a bhiodh na bàtaichean mòra a' tighinn a-steach.

"Bhiodh tòrr dhaoine a' tadhail air an àite, a' tighinn à Inbhir Nis, à Inbhir Ùige, feadhair a ghabhail grèim bìdhe ann.

"Bha timcheall air 20 duine ag obair ann, ach chan eil fhios agam cia mheud duine dhiubh sin a thig air ais a-nis, bhon fhuair dhà no thrì dhiubh sin cosnadh an àiteachan eile nuair a chaidh an t-àite na theine. B' fheudar dhaibh.

"Bheir seo obraichean air ais dhan àite, agus tha mi an dòchas gun toir e luchd-turais air ais dhan àite.

"Tha sinn an ìre mhath cinnteach gum faigh e taic bhon Chrannchur Mhòr.

"Tha sinn ag obair ann am milleanan. Chan eil fhios agam cia mheud millean a tha a dhìth orra. £1.5m co-dhiù.

"Tha an t-ionad ùr gu bhith diofraichte, bhon ghnùis a th' air.

"Tha e air a sgeadachadh, nam biodh tu a' dol seachad air ann an heileacoptair no ann am plèana, gum faiceadh tu bradan a' leum. Sin am plana a th' aige air an talamh.

"Tha e feadhair ri taobh Eas Shìn, agus dh'fhaodadh iad an uair sin a dhol sìos a choimhead air an eas, 's faicinn na bradain a' leum," thuirt e.