Sealbh air Oighreachd Bharabhais ro dheireadh na bliadhna

  • Air fhoillseachadh
Barabhas
Fo-thiotal an deilbh,
Chan fhaighear sealbh air na còirichean iasgaich - co-dhiù a' chiad ghreis.

Tha dùil gum bi Oighreachd Bharabhais ann an Leòdhas ann an làmhan na coimhearsnachd ro dheireadh na bliadhna.

Fhuair a' bhuidheann a tha os cionn nam planaichean gealltanas air £715,000 a phàigheas airson na talmhainn - 14,000 hectare - cosgaisean clàraidh is lagha is àite airson àrach bhradan.

Tha a' mhòr-chuid den airgead a' tighinn bhon Chrannchur Nàiseanta, HIE agus Comhairle nan Eilean Siar.

Còirichean iasgaich

Cha bhi e comasach dhaibh sealbh a ghabhail air na còirichean iasgaich seach gun cosgadh sin cus.

Thuirt rùnaire na buidhne, Aonghas MacLeòid, ge-tà, gun lùigeadh iad fhathast an t-iasgach fhaighinn ma thèid aca air an airgead sin a thional.

"Tha an oighreachd a th' ann an-dràsta gu màth deònach an t-iasgach a reic rinn nam faigheadh sinn grèim air cnap math airgid - tha iad a' toirt dhuinn bliadhna neo faisg air bliadhna airson sin fhaighinn.

Tha dùil gun cosgadh an t-iasgach mu £700,000.