Fireannach a dhìth ann an Cataibh

Tha na poilis ann an Cataibh a' feuchainn ri lorg fhaighinn air fireannach òg a th' air a bhith a dhìth bhon deireadh-sheachdain seo chaidh.

Cha deach Lachlann Simpson, 21, à Eurobal, fhaicinn bho dh'fhàg e dannsa Fèill Chataibh ann an Dòrnach mu 10:30f Disathairne.

Dh'fhaodadh gun do dh'fhalbh e a dh'ionnsaigh Eurobail mu 02:00m madainn na Sàbaid.

Tha e sia troighean de dh'àirde, le falt goirid bàn.

Tha dùil gur e top uaine agus geal a bh' air nuair a chaidh e a dhìth.

Thathas ag iarraidh air duine a chunnaic e a' fàgail an dannsa, neo aig a bheil fiosrachadh mu dheidhinn, fonàdh gu na Poilis air an àireamh-fòn 101.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile