Belladrum beò air BBC Alba fad trì oidhcheannan

  • Air fhoillseachadh
Niall Iain agus Fiona le bò.
Fo-thiotal an deilbh,
Thèid an fhèis fhaicinn 6-8 Lùnastal air BBC Alba.

Airson a' chiad uair bidh Belladrum beò air BBC ALBA thar tri oidhcheannan le blas de na còmhlain agus seinneadairean as fheàrr bhon fhèis.

Tha dùil ri 15,000 aig an fhèis am-bliadhna.

Am measg nan còmhlan a chithear air BBC ALBA, bidh na Kaiser Chiefs, Manic Street Preachers, The Proclaimers, Martha Reeves and the Vandellas, The Stranglers, Eddi Reader, Idlewild, Hayseed Dixie, Bite Night agus Have Mercy Las Vegas.

Bidh na prògraman air an lìbhrigeadh le dithis air a bheil an luchd-amhairc gu math eòlach - Fiona NicChoinnich agus Niall Iain Dòmhnallach agus chìthear iad Diardaoin 6mh Lùnastal 9:30f - 11:00f; Dihaoine 7mh Lùnastal 9:00f - 10:00f; Disathairne 8mh Lùnastal 9:00f - 11:00f

Tha Belladrum 2015: Cridhe Tartain air a' riochdachadh le BBC Gàidhlig.