Bhòtadh airson Gob a' Ghallainn a cheannach

  • Air fhoillseachadh
Stèisean Radar Àird ÙigeTùs an deilbh, Nicholas Mutton/Geograph
Fo-thiotal an deilbh,
Bha an t-ionad radar na phàirt de lìonra dìon Bhreatainn sa Chogadh Fhuar.

Bhòt 21 duine a-mach à 29 duine a bh'air cothrom bhòtadh, a dhol air adhart le oidhirp seann ionad an MoD aig Gob a' Ghallainn ann an Àird Ùige, Leòdhas, a cheannach dhan choimhearsnachd.

Bhiodh cosgais mhòr ann an làrach a ghlanadh, 's i air a truailleadh le Asbestos 's eile.

Ma thèid leotha, tha iad airson ionad fànais a stèidheachadh agus stèisean airson èisteachad ri mucan mara a' seinn.

Tha dùil gu bheil an làrach gu sònraichte freagarrach airson ionaid fhànais, ri linn cho dorcha 's a tha speuran na sgìre air an oidhche.

Chaidh an stèisean radar a thogail o chionn 60 bliadhna, mar phàirt de lìonra dìon Bhreatainn sa Chogadh Fhuar.

Thathas a-nis an dòchas gun gabh hydrophone a chur dhan mhuir gus fuaim mhucan mara a thogail.

Chan eil Ministreachd an Dìon a' cur feum air an ionad tuilleadh.

Tha muinntir an àite gu mòr den bheachd gun toir an t-ionad togail mòr do dh'eaconamaidh na sgìre.