Gnìomhachasan a' fulang ri linn chamarathan

  • Air fhoillseachadh
Camara astair choitchinn air an A9Tùs an deilbh, Aaron Sneddon
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh na camarathan a chur gu dol san Damhair an-uiridh.

Tha gnìomhachasan air a' Ghàidhealtachd a' fulang ri linn mar a chaidh camarathan a bhios a' tomhais astair choitchinn charbadan a chur air an A9.

'S e sin am beachd a thàinig bho Àrd-Stiùiriche Seòmraichean Malairt Inbhir Nis, Stiùbhairt Nicol.

Sheall figearan ùra an t-seachdain seo gun robh àrdachadh beag anns na chaidh a ghlacadh is iad a' dol ro luath air an rathad, is buidheann sàbhailteachd an A9 ag ràdh gu bheil ìsleachadh ann an tubaistean air an rathad.

Tha cuid a tha an aghaidh a' phoileasaidh ag ràdh ge-tà, gu bheil an àireamh de dhaoine a bhàsaich air an rathad air a dhol suas.

Thuirt Mgr Nicol gum feumar feitheamh 'son dealbh ceart fhaighinn air soirbheachas nan camarathan.

Thuirt e cuideachd ge-tà, gu bheil coltas ann gu bheil an gnothach air droch bhuaidh a thoirt air malairt eadar Inbhir Nis agus a' Ghalltachd, is cuid a-nise nach eil 'son an rathad a chleachdadh.

Thuirt e gur e fìor dheagh naidheachd a th' ann gun tèid an rathad a dhèanamh dà-fhillte, ach gum feum e tachairt cho luath 's a ghabhas.