Iomairt mhòr gus Lachlann Simpson a lorg
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Poilis na h-Alba
Tha na Poilis air muinntir an àite a mholadh is sluagh mòr a-muigh a' coimhead airson Lachlann Simpson.
Tha dùil gun lean oidhirpean Diciadain gus lorg fhaighinn air fear a chaidh a dhìth às dèidh dannsa ann an Dòrnach air an deireadh-sheachdain.
Cha deach Lachlann Simpson, 21, à Eurobal, fhaicinn bho dh'fhàg e dannsa Fèill Chataibh ann an Dòrnach mu 10:30f Disathairne.
Oidhche Mhàirt, bha faisg air 170 duine bhon sgìre a' toirt taic dha na Poilis, agus iad a' feuchainn ri lorg fhaighinn air.
Dh'fhaodadh gun do dh'fhalbh e a dh'ionnsaigh Eurobail mu 02:00m madainn na Sàbaid.
Tha e sia troighean de dh'àirde, le falt goirid bàn.
Tha dùil gur e top uaine agus geal a bh' air nuair a chaidh e a dhìth.
Thathas ag iarraidh air duine a chunnaic e a' fàgail an dannsa, neo aig a bheil fiosrachadh mu dheidhinn, fònadh gu na Poilis air an àireamh-fòn 101.
Tùs an deilbh, Poilis na h-Alba
Chan fhacas Mgr Simpson bhon deireadh-sheachdain.