Pailteas èisg gan glacadh ann an siostam Abhainn Nis

  • Air fhoillseachadh
Bradan
Fo-thiotal an deilbh,
Helge Dahlen à Niribhidh le bradan 23.5 punnd a fhuair e air Abhainn Mhoireastain anns a' Ghiblean 2015. Leig e às e.

Tha 20 bliadhna bho chaidh uiread de bhradain earraich a ghlacadh ann an siostam Abhainn Nis.

Tha dùil gun deach 319 bradain a chlàradh bhon Fhaoilleach gu deireadh a' Chèitein am-bliadhna - suas bho 206 an-uiridh.

Cha deach an àireamh de bhradain earraich seachad air 300 ach 12 turas thairis air an 50 bliadhna mu dheireadh.

Thuirt Stiùiriche Bòrd Iasgach Bhradan Sgìre Abhainn Nis, Chris Conway, gu bheil na h-àireamhan "misneachail".

Bha e ag ràdh gun deach 99% de na bradain a chaidh a ghlacadh a leigeil às beò.

Thairis air a' chòig bliadhna mu dheireadh, b' e 97% a bha iasgairean a' cur air ais.