Soirbheas Jersey air BBC Alba

sgioba lùth-chleasachd. Image copyright BBC Alba
Image caption Bhuannaich sgioba nan Eilean Siar 20 bonn uile gu lèir.

As dèidh dhaibh 7 Buinn Òir, 6 Buinn Airgid, agus 6 Buinn Umha a bhuannachadh aig Geamannan nan Eilean ann an Jersey, bith cothrom aig luchd-amharc BBC Alba barrachd dhe na sgeulachdan aig sgioba nan Eilean Siar, fhaicinn air an t-seanal.

Image copyright BBC Alba
Image caption Bha na peathraichean Nic a' Phì agus Kara Hanlon gu math soirbheachail 's na farpaisean aca.

Didòmhnaich aig 7.15f, bidh Ailean MacLeòid a' toirt sùil air ais air na gaisgich eileanach às dèidh dhaibh a bhith cho soirbheachail.

Le còrr is 80 anns an sgioba, ghlac na peathraichean Nic a' Phì à Uibhist a Deas àire a' mhòr-shluaigh.

'S i Kerry a thog a' chiad bhonn òir dhan t-seachdain dha sgioba nan Eilean 's i a' buannachadh farpais nam Baidhsagalan Beinne thar dùthcha.

Snàmh

Anns an àmar-snàmh, às dèidh a bhith cho faisg ann am Bermuda 2013, fhuair Kara Hanlon agus Kathryn Offer buinn òir agus chùm Dòmhnall MacLeòid grèim air tiotal an 800m.

Chì sibh an obair chruaidh, an deagh spiorad agus na PB's aig sgioba nan Eilean Siar air a' phrògram 'Geamannan nan Eilean 2015', Didòmhnaich 2mh dhen Lùnastal aig 7.15f air BBC Alba.