Cead sgoil Ghàidhlig ga iarraidh
- Air fhoillseachadh

Thèid cead-dealbhachaidh iarraidh airson togalach sgoil ùr Ghàidhlig Phort Rìgh an ath-sheachdain.
Tha feum cuideachd air dà ostail a leagail mar phàirt den phlana.
Nì Comataidh Dealbhachaidh Chomhairle na Gàidhealtachd co-dhùnadh air na planaichean Dimàirt seo tighinn.
Mar phàirt den dreach ùr a th' air a' phlana airson na sgoile, thèid aon togalach mòr goireasach a chur an àite dà sheann ostail - fear dhiubh a bha roimhe ga chleachdadh na thaigh airson nam bochd còrr air 150 bliadhna air ais.
Bidh cuideachd sgoil-àraich, goireasan coimhearsnachd agus spòrs anns an togalach.
Tha Comhairle Coimhearsnachd Phort Rìgh air guth a thogail an aghaidh plana na sgoile roimhe, agus tha iad a' cur an aghaidh an iarrtais dhealbhachaidh air sgàth 's nach iad den bheachd gum bu chòir na h-ostalan eachdraidheil a bhith air an leagail, 's gum bu chòir togalach ùr sam bith a bhith air a thogail le dreach traidiseanta.
Tha oifigich na Comhairle ge-tà, a' moladh gun tèid cead a thoirt do na planaichean, le cùmhnantan na chois.