Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Allt Duine

Tha Riaghaltas na h-Alba air leigeil fhaicinn bho chionn leth-uair de thìde gun deach cead-dealbhachaidh a dhiùltadh do thuath-ghaoithe mhòr air oir Phàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh. Chaidh co-dhùnadh gum biodh buaidh ro mhòr aig pròiseact Allt Duine, anns am biodh 31 chrann, air an àrainneachd.

British Gas

Dh'fhoillsich British Gas gun do dhùblaich na prothaidean aca airson a' chiad shia mìosan den bhliadhna. Chaidh iad suas gu còrr air £500m. Thuirt Centrica, leis a bheil a' chompanaidh, gun geàrr iad 6,000 cosnadh ri linn ath-sgrùdaidh air a' ghnìomhachas. 'S ann à roinn na h-ola 's gas na companaidh as motha a tha dùil a dh'fhalbhas na h-obraichean.

Shell

Thuirt a' chompanaidh Royal Dutch Shell gu bheil iadsan a' gearradh 6,000 cosnadh air feadh an t-saoghail. Thuit na prothaidean aca an treasamh cuid air a' chairteal mu dheireadh. Tha iad a' feuchainn ri cosgaisean a ghearradh ri linn mar a tha prìs na h-ola air tuiteam.

Lachlann Simpson

Tha poilis a tha a' sireadh Lachlann Simpson ann an Dòrnach ag ràdh nach eil gnothach aig pàidhear bhrògan a chaidh a lorg faisg air a' chladach ris an rannsachadh aca. Tha còig là a-nis bho chaidh Lachlann, a tha 21 's a bhuineas do dh'Èireabol, fhaicinn mu dheireadh. Bha cha-mhòr 200 duine san sgìre a' cuideachadh sgiobaidhean teasairginn anns an iomairt an-raoir.

Fògarraich

Tha Comhairle nam Fògarrach air a' Phrìomhaire, Dàibhidh Camshron, a chàineadh airson am facal "swarm" a chleachdadh mu dhaoine a tha a' feuchainn ri Breatainn a ruighinn à Calais. Thuirt an carthannas gum faodadh na thuirt e an tuilleadh buairidh adhbharachadh, agus gun robh na briathran ana-duineil. Bha Mgr Camshron air coimeas a dhèanamh eadar suidheachadh Chalais, agus mar a thuirt e "sgaoth de dhaoine" a' tighinn tarsainn na Mara Meadhan-Thìrich. Thuirt e gu bheil an Riaghaltas a' dèiligeadh ris a' chùis.

Na h-Eileanan

Tha Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell a' coinneachadh ri ceannardan nan comhairlean eileanach ann an Steòrnabhagh. Tha dùil gun daingnich e geallaidhean tuilleadh chumhachd a thoirt do dh'ùghdarrasan eileanach ri linn na h-iomairt Ar n-Eileanan Ri Teachd. Tha Comhairle nan Eilean Siar am beachd soilleireachadh iarraidh bho Mhgr Mundell air seasamh Riaghaltas Westminster air subsadaidhean do chumhachd ath-nuadhachail.

An Làraidh Sgudail

Dh'innis manaidsear comhairle don rannsachadh mu thubaist na làraidh-sgudail ann an Glaschu gun do sguir a' Chomhairle a' cur làraidhean sgudail a-mach gu sgìrean coise sa bhaile ri linn cho an-fhoiseil 's a bha daoine mun dèidhinn às dèidh na tubaiste. Thuirt Dùghlas Gellan cuideachd gun do chuidich sin le suidheachadh far an robh luchd-obrach an sgudail a' faighinn droch bheul ri linn na thachair. Chaochail sianar anns an tubaist goirid ron Nollaig an-uiridh.