Gob a' Ghallainn
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ceannach Àird Ùige air fàire

30 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bhòt muinntir Àird Ùige ann an Leòdhas airson seann làrach an RAF san sgìre a cheannach.

Thogadh an stèisean radar air Gob a' Ghallainn bho chionn 60 bliadhna airson sùil a chumail air na Ruiseannaich.

Tha a' choimhearsnachd a-niste airson ionad a chruthachadh far am faod daoine a bhith ag èisteachd ri mucan-mara a' seinn.

Ach mus tig sin gu buil bidh aca ri suas ri £500,000 a lorg airson an làrach a ghlanadh.

Tha Eilidh NicLeòid ag aithris.