Iomairt gus fear à Cataibh a lorg a' leantainn

Lachlann Simpson Image copyright Poilis na h-Alba
Image caption Chan fhacas Mgr Simpson bhon deireadh-sheachdain.

Leanaidh iomairt airson an ceathramh là gus fireannach òg a chaidh a dhìth an Cataibh a lorg.

Cha deach Lachlann Simpson, 21, à Èireabol, fhaicinn bho dh'fhàg e dannsa Fèill Chataibh ann an Dòrnach mu 01:30m madainn na Sàbaid.

Thuirt na Poilis gun do nochd còrr air 190 duine airson coimhead air a shon Oidhche Chiadain ann an Èireabol agus ann an Dòrnach.

Tha na Poilis air a' choimhearsnachd a mholadh airson na h-oidhirp mhòir a tha iad a' dèanamh.

Image copyright Iain Nesbitt
Image caption Thathas air a bhith a' coimhead airson Lachlann Simpson faisg air a' chladach.

Bithear a' cruinneachadh aig Cluba Sòisealta Dhòrnaich Diardaoin airson a dhol a-mach a-rithist.