BBC Naidheachdan

Dragh mu sheirbheis bhancaireachd na Hearadh

Published
Tha iomagain air daoine anns na Hearadh mun t-seirbheis bhancaireachd a tha iad a' faighinn.
Thàinig e am bàrr gu bheil Banca na h-Alba a' dol a ghearradh nan uairean a bhios am banca air an Tairbeart fosgailte.
Bhon t-Sultain, cha bhi e fosgailte ach bho Dhimàirt gu Diardaoin.
Tha dragh ann cuideachd mun t-seirbheis ATM.
Thuirt Iain MacLeòid bho Chomhairle Choimhearsneachd Cheann a Tuath na Hearadh gun adhbharaich seo trioblaidean, gu h-àraid as t-Samhradh nuair a tha luchd-turais air an Tairbeart.
Ann am brath-naidheachd, thuirt Banca na h-Alba gu bheil iad air iarraidh air innleadair an t-inneal ATM a chàradh gus sin fhaighinn air ais a dhol cho luath 's a ghabhas.
Thuirt iad cuideachd iad gum bi iad a' cumail sùil fad na h-ùine air na h-uairean fosglaidh aca gus am freagair iad air na coimhearsnachdan air a bheil iad a' frithealadh.
Tha am banca aca air an Tairbeart a-nis fosgailte aig tìde diathaid, thuirt iad.