Seirbheis Chasaid a' Chrùin ga call an Steòrnabhagh

Cha bhi Seirbheis Chasaid a' Chrùin stèidhichte ann an Steòrnabhagh tuilleadh, às dèidh a bhith anns an sgìre còrr air 300 bliadhna.

Chaidh co-dhùnadh a dhèanamh gum biodh an t-seirbheis ionadail air a ruith à Inbhir Nis.

Tha cuid de eòlaichean lagha air an t-suidheachadh a chàineadh, ag ràdh gur e ceum mòr air ais a bhios ann dha na h-Eileanan an Iar.