Farpais Sligheadaireachd na Cruinne air a' Ghàidhealtachd

Catherine Taylor Image copyright NASA
Image caption Tha Catherine Taylor aig 17 san t-saoghal airson farpais relay tron choille.

Tòisichidh Farpais Sligheadaireachd na Cruinne air a' Ghàidhealtachd agus ann am Moireibh Dihaoine.

Mairidh an fharpais seo agus 'Farpais Sligheadaireachd na h-Alba sia làithean gu Disathairne 7mh Lùnastal, a' toirt cha-mhòr 400 de na lùth-chleasaichean as fheàrr, bho 51 dùthaich còmhla.

Bidh 5,300 ball sligheadaireachd a' gabhail pàirt anns an dà fharpais, 's tha dùil gum bi na cùrsaichean gu math dòrainneach dhaibh.

Bidh measgachadh de dh'fharpaisean ann - bho aon neach, gu sgiobaidhean a' bhitheas a' dèanamh astaran goirid, meadhanach fada, agus fada agus bidh sgiobaidhean relay a' gabhail pàirt cuideachd.

Tha 22 lùth-chleasaiche à Breatainn a' dol a bhith a' farpais - nam-measg Scott Friseal à Alba a bhuannaich am bonn airgid anns an sprint ann a 2013 's tha e aig ìre 21 anns an t-saoghal an dràsta.

Bidh Catherine Taylor a' farpais anns an relay tro na coilltean 's tha ise aig 17 san t-saoghal.

Anns na bliadhnaichean a chaidh seachad, 's e na dùthchanan Lochlannach a th' air a bhith a' soirbheachadh gu mòr ann an sligheadaireachd.

Ach a-nise chìthear Fraingich, agus daoine bhon Eilbhis a' buannachadh.

Thuirt Stiùriche an tachartais, Pòl McGreal, gu bheil seo ag amas air a h-uile duine a' gabhail pàirt anns an spòrs agus daoine a' tha airson a bhith gan coimhead.

"Tha na sgìrean far am bi na rèisean anabarrach snog agus aig an aon àm, anabarrach duilich dha na lùth-chleasaichean".

Seo an treas turas a tha an fharpais air a bhith ann an Alba, na tursan mu dheireadh ann a 1976 agus 1999.

Chìthear na prìomh fharpaisean air BBC ALBA.