"Thig call" le diùltadh tuath-gaoithe

  • Air fhoillseachadh
Crann-gaoithe
Fo-thiotal an deilbh,
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum biodh buaidh ro mhòr aig pròiseact Allt Duine air an àrainneachd.

Tha uachdaran ann an sgire Bàideanach agus Strath Spè ag ràdh gun caillear cothrom air na milleanan mòra notaichean ri linn mar a chaidh tuath-gaoithe mòr san sgìre a dhiùltadh.

Dhiùlt Riaghaltas na h-Alba cead a thoirt do thuath-ghaoithe chonnspaideach air iomall Phàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh Diardaoin.

Thuirt iad gum biodh buaidh ro mhòr aig pròiseact Allt Duine air an àrainneachd.

Bhiodh 31 chrann an cois a' phròiseict anns a' Mhonadh Liath.

Bhiodh na crainn còrr 's 400 troigh de dh'àirde aig a' char as motha.

Chuir luchd-iomairt an aghaidh nam planaichean fàilte air an naidheachd.

Thuirt Crìsdean Townsend gun robh e follaiseach nach robh an sgeama freagarrach agus gun deach an co-dhùnadh ceart a ruighinn.

Ach thuirt uachdaran oighreachd Albhaidh agus Dhail Radaidh, Seumas MacUilleim, gun robh Roinn na Gàidhealtachd air taic a chur ris a' phròiseact roimhe, agus gun robh Riaghaltas na h-Alba air mearachd mhòr a dhèanamh.