Co-chomhairle air crìochan comhairle

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid
Image caption Nochd an Comh. Robin Currie iomagain mu phlana gus crìochan an uard aigesan - Cinn Tìre is na h-Eileanan - atharrachadh.

Tha co-chomhairle air tòiseachadh air molaidhean mun àireamh chomhairlichean a lùghdachadh agus crìochan nan sgìrean aca atharrachadh.

Tha Coimisean Crìochan nan Ùghdarrasan Ionadail a' moladh gum biodh 26 comhairlichean anns na h-Eileanan an Iar seach 31.

Bhiodh cuideachd aon uard ga dhèanamh de na Hearadh, Ùig' is na Lochan, agus tè eile a bhios a' ruith bho Chalanais suas gu Nis.

"Seo an cothrom aig a h-uile duine sa choimhearsnachd na beachdan aca fhèin a nochdadh gu Coimisean nan Crìochan leis a' cho-chomhairle a tha a' dol air adhart," thuirt Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

Atharrachadh

"Agus lùigeadh sinne mar chomhairle gun cuir daoine na beachdan aca a-steach - ge b' i dè na beachdan a th' ann - air dòigh 's gun gabh rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn ma 's e 's gu bheil daoine draghail mu dheidhinn na tha iad ag amas air a dhèanamh," thuirt e.

Tha 80 comhairliche air a' Ghàidhealtachd an-dràsta.

Thathas a' moladh sianar a ghearradh ann an sgìrean Ros an Iar, Inbhir Theòrsa, Inbhir Ùige, Inbhir Nis agus sgìre Bhàideanach agus Strath Spè.

Thigeadh atharrachadh air crìochan sgìre an Eilein Duibh, Gallaibh, Caladair agus Inbhir nis.

Agus Ann an Earra-Ghàidheal bhiodh àireamh nan comhairlichean ga gearradh bho 36 gu 33.

Nochd an Comh. Robin Currie iomagain mu phlana gus crìochan an uard aigesan - Cinn Tìre is na h-Eileanan - atharrachadh.

"Tha iad a-nis ag ràdh gum bi Càradal, 's Gleann Bàrr, 's Mùsdal 's Taigh an Lòin, 's Giogha a' tighinn às.

"Agus gum bi sin a' dol a-steach leis an uard aig Ceann Loch Chille Chiarain.

"A' tighinn a-steach dhan uard agamsa mar a theireadh tu, bidh Àird Dhriseig.

"So bidh an uard, taobh Cinn Tìre 's na h-Eileanan, bidh e Colbhasa 's Diùra 's Ìle, an Tairbeart agus Àird Dhriseig.

"Chan eil mi a' smaointinn gu bheil mòran ceangail eadar na sgìrean sin.

"Ach 's e sin a tha iad ag ràdh a-nis," thuirt e.