Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Calais

Tha comataidh èiginneach an Riaghaltais, Cobra, a' coinneachadh anns a' mhadainn an-diugh airson bruidhinn mun t-suidheachadh a th' ann an Calais le luchd-imrich mì-laghail. A-raoir, chaidh luchd-imrich tro loidhnichean nam poileas airson a' cheathramh oidhche às dèidh a chèile.

Cuideachd air taobh Bhreatainn dhen Chaolas Shasannach, tha beachd ann gun gabhadh talamh leis an MOD a chleachdadh airson faochadh a thoirt dhan na trioblaidean trafaic ann an Kent is dàil mhòr a' tighinn air làraidhean.

Sturgeon Calais

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gum feum Riaghaltas Bhreatainn pàirt a ghabhail ann am plana gus dèiligeadh ris an staing. Bha i ag ràdh gum feum plana a bhith ann airson luchd-gnothaich agus plana airson daoine a ghluasad.

Tubaist Ghlaschu

Chuala sgrùdadh tubaist bhàsmhor air tubaist làraidh sgudail Ghlaschu nach eil sgeul air teisteanan obrach airson an dràibhear. Thuirt manaidsear HR Comhairle Ghlaschu nach eil iad ann am foidhle Harry Clarke. Chaidh sianar a mharbhadh anns an tubaist anns an Dùbhlachd an-uiridh.

Crìochan nan sgìrean comhairle

Tha comhairlichean eileanach agus air a' Ghàidhealtachd air draghan a nochdadh mu phlanaichean a th' ann airson atharrachadh a thoirt air crìochan nan sgìrean comhairle agus airson àireamhan chomhairlichean a lùghdachadh. Dh'iarr an Comhairliche Ailig Greumach à Inbhir Nis air a' mhòr-shluagh sùil a thoirt air na planaichean aig Coimisean Crìochan nan Ùghdarrasan Ionadail airson nan sgìrean aca fhèin, agus beachd a thoirt seachad orra mura biodh iad toilichte leotha.

Anns na h-Eileanan Siar, tha an Coimisean a' moladh sia thar fhichead comhairliche. Dheigheadh aon uàrd a dhèanamh dhe na Hearadh, Ùig agus na Lochan agus bhiodh uàrd eile a' dol eadar Calanais agus Nis.

Hinkley Point

Chaidh trì companaidhean Albannach ainmeachadh am measg nam prìomh thagraichean airson a' chiad stèisean niuclasach ùr ann am Breatainn ann am fichead bliadhna a thogail. 'S iad Doosan Babcock, Clyde Union Pumps agus an Weir Group.

Fireannach a dhìth

Tha oidhirpean a' leantainn gus lorg fhaighinn air Lachlann Simpson à Eurabol, a chaidh a dhìth ann an Dòrnach air an deireadh sheachdain. Bha e air a bhith aig dannsa Fèill Chataibh.