Pàipear tairgse nan aiseagan air fhoillseachadh

Bàt-aiseig Image copyright Richard Sowersby
Image caption Thòisich iomairt gus ìmpidh a chur air an Riaghaltas na seirbheisean fhàgail aig Cal Mac seach a thoirt do chompanaidh phrìobhaidich.

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba am pàipear tairgse airson seirbheisean aiseig air a' chosta an iar.

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn agus a' chompanaidh phrìobhaideach Serco a' farpais airson a' chùmhnaint.

Tha am pàipear a' toirt cuireadh dhaibh tairgse a chur a-steach ron Dùbhlachd am-bliadhna airson nan seirbheisean aiseig air a' chosta an iar a ruith, le dùil gun deadh an cùmhnant a thoirt seachad sa Chèitean an ath-bhliadhna.

Gu neo-àbhaisteach, 's iad Còmhdhail Alba a dh'fhoillsich am pàipear tairgse, agus connspaid air a' phròiseas tairgse a chuairteachadh o chionn ùine.

Thòisich iomairt gus ìmpidh a chur air an Riaghaltas na seirbheisean fhàgail aig Cal Mac seach a thoirt do chompanaidh phrìobhaidich.

Tha an Riaghaltas fhèin ag ràdh gum biodh na puirt agus aiseagan fhathast fo smachd na Stàite, is mar sin cha bhiodh an cùmhnant san roinn phrìobhaidich fiù 's nam biodh e aig Serco.

Air a' mhìos a chaidh, chaidh luchd-obrach aig Cal Mac air stailc is iad a' sireadh ghealltanasan air obraichean, cùmhnantan-obrach is peinnseanan agus an cùmhnant a' dol a-mach gu tairgse.