Eucoir air an tuath "a' tuiteam"
- Air fhoillseachadh
Tha NFU Mutual ag ràdh gu bheil coimhearsnachdan air barrachd a dhèanamh airson an dìon fhèin bho eucoir - mar a bhith a' cur siostaman lorg air carbadan.
Tha a' chompanaidh àrachais NFU Mutual ag ràdh gun do sheall sgrùdadh a rinn iad gu bheil eucoir air an tuath an Alba a' tuiteam.
Ach, chosg e fhathast £1.8m an-uiridh - sìos bho £1.9m a' bhòn-uiridh, lùghdachadh 5%.
Tha quad bikes, stoc, connadh agus innealan am measg nam prìomh rudan a tha gan goid air an tuath an Alba.
Tha NFU Mutual ag ràdh gu bheil coimhearsnachdan air barrachd a dhèanamh airson an dìon fhèin bho eucoir - mar a bhith a' cur siostaman lorg air carbadan.
Ach, le ceanglaichean bann-leathainn nas fheàrr air an tuath san là a th' ann, tha eucoir air-loidhne na trioblaid.
Tha eucoirich cuideachd a-nis a' goid phanalan-grèine, a th' air fàs nas cumanta.