Draghan mu sgìrean MPA gan togail

  • Air fhoillseachadh
Muasgan-caola
Fo-thiotal an deilbh,
Tha dragh gum faodadh na bacaidhean ùra buaidh mhòr a thoirt air coimhearsnachdan iasgaich.

Tha ceannardan iasgaich nan Eilean Siar an dòchas coinneachadh ri Rùnaire na h-Àrainneachd, Ridseard Lochhead, a dh'aithghearr a dh'innse dha mun iomagain mhòr a th'orra mu sgìrean glèidhte aig muir.

'S e sin a thàinig à coinneimh shònraichte mun chùis an Loch nam Madadh aig deireadh na seachdain, agus na h-iasgairean den bheachd gu bheil am fiosrachadh air a bheil na planaichean stèidhichte gu tur ceàrr.

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba an-uiridh gun robh 30 sgìre ghlèidhte gu bhith air an cur air dòigh ann an uisgeachan na h-Alba.

Dh'fhoillsich iad na bu thràithe air an t-Samhradh na bacaidhean a bha gu bhith sna sgìrean sin.

Tha iad an-dràsta a' sireadh bheachd air sin.

Tha sgìre an ear air Miughalaigh am measg an fheadhainn air am bi riaghailtean ùra teann.

Mì-thoileachas

Chan eil gnìomhachas an iasgaich idir air an dòigh leis na molaidhean.

Tha iad ag ràdh gum faodadh iad fìor dhroch bhuaidh a thoirt air beò-shlàint' cuid de dh'iasgairean.

Tha Comann Iasgairean nan Eilean Siar am measg na tha gu math iomagaineach mun chùis.

Thuirt rùnaire a' chomainn, Donnchadh MacAonghais, nach eil an Riaghaltas a' cur an luaich cheart air an iasgach a tha air a dhèanamh sna sgìrean glèidhte.

A rèir Mhgr MhicAonghais tha luach an iasgaich ann an cuid de na h-àiteachan a dheich uimhir nas àirde na tha an Riaghaltas a' dèanamh a-mach.

Tha Mgr MacAonghais ag ràdh gum faodadh aon chompanaidh ghiolachd ann an Uibhist 20% de na tha iad a' faighinn de chreachainn a chall ma thèid na bacaidhean air adhart.

Caillidh feadhainn eile ri linn cuideachd, tha e ag ràdh.

"Tha iasgairean chlèibh a tha ag iasgach ann am Miughalaigh ann an sin an ear air Barraigh, caillidh iad-san £200,000 air na tha iad a' glacadh, agus mar sin cha robh na figearan a tha sin a' tighinn a-mach idir anns an dòigh a bha Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh nam figearan aca-san," thuirt Mgr MacAonghais.

Beò-shlàint'

Thuige seo chan eil an comann air a bhith toilichte le freagairt an Riaghaltais dha iasgaireanan air an toir na bacaidhean buaidh.

Mhol an Riaghaltas dha iasgairean a dheadh a chur a-mach à iasgach, a dhol gu dòighean iasgaich eile.

"Gluaisidh iad a-null gu clèibh, cuiridh iad barrachd chliabh a-mach agus tha na bàtaichean sin mòr.

"Cuiridh iad tòrr mhuasgan-caola, gu h-àiread, air tìr agus tha sin a' dol a thoirt sìos na prìse mar a tha barrachd a' dol air a' mhargaid, agus na h-eathraichean as lugha a tha anns na h-eileanan, tha am beò-shàint' a' crochadh air sin.

"Cuiridh iad a-mach à bith iad ri linn nam bàtaichean mòra a tha sin, làithean nach bi iad-san a-muigh, agus tuitidh an tòin às a' mhargaid agus thig a' phrìs sìos.

"Cha chreid mise gu bheil oifigearan ann an Dùn Èideann a' tuigsinn mar a thachras cùisean le feadhainn air a chur a-mach à aon roinn den ghnìomhachas agus a' bhuaidh a bheir e air pàirtean eile den ghnìomhachas," thuirt Mgr MacAongais.

Èisteachd

Thuirt Mgr MacAonghais gun robh uallach orra nach robh BPA na sgìre, Alasdair Allan, a' tuigsinn an uallaich a tha orra mar ghnìomhachas nas motha.

Ged nach b' urrainn dha Mgr Allan a dhol chun na coinneimh ann an Loch nam Madadh fhèin Disathairne bha e aig ceann eile na fòna agus tha Mgr MacAonghais den bheachd gun d' fhuair iad èisteachd.

Tha an comann a-nis an dòchas gun cuir Mgr Allan coinneamh air dòigh le Ministear na h-Àrainneachd, Ridseard Lochhead, agus tha iad an dòchas gun tachair sin ann an ùine nach bi fada.

"Ma dh'èisteas iad rinn, bidh a h-uile duine tòrr nas fheàrr dheth na leis na molaidhean a tha air a thighinn bhon Riaghaltas an-dràsta," thuirt Mgr MacAonghais.

Tha gu deireadh na seachdain aig a' chomann agus feadhainn eile sa ghnìomhachas tagradh a chur chun an Riaghaltais mun chùis.