Dragh mu sheirbheis banca Loch nam Madadh

Cuiridh Comhairle Coimhearsnachd Loch nam Madadh litir eile a dh'ionnsaigh Banca na h-Alba agus fìor dhragh orra mun t-seirbheis a tha iad a' faotainn bhuapa.

Tha daoine a' gearain air cho tric 's a tha am banca dùinte agus nach fhaigh iad air bruidhinn ri duine aghaidh ri aghaidh.

Dh'innis Banca na h-Alba san Fhaoilleach am-bliadhna gun robh seirbheis meur Loch nam Madadh ga lùghdachadh barrachd.

Air an 6mh là den Chèitean chaidh an àireamh làithean a tha e fosgailte atharrachadh bho thrì sìos gu dhà san t-seachdain.

A-nis chan eil am banca fosgailte ach Diluain agus Dihaoine.

Ma tha muinntir na sgìre ag iarraidh seirbheis a' bhanca taobh a-muigh nan làithean sin feumar a-nis a dhol a Bheinn nam Fadhla.

Litir

Nuair a chaidh an t-seirbheis a lùghdachadh gu dà là, chuir Comhairle Coimhearsnachd Loch nam Madadh litir gu manaidsear roinneil a' bhanca a ghearain.

Dh'innis am manaidsear dhaibh nach robh iad airson cur às dhan t-seirbheis agus gun deadh am banca fhosgladh là eile tron t-seachdain nam biodh aca ri a dhùnadh air Diluain neo Dihaoine.

Ach, a rèir rùnaire na comhairle coimhearsnachd, Chrissie NicCuais, tha am banca air a bhith dùinte air Diluain neo Dihaoine grunn thursan bhon uair sin.

Chaidh a ràdh riutha gur e luchd-obrach a bhith tinn an t-adhbhar airson sin.

"'S e an dragh a th' oirnne gu bheil an t-seirbheis a' sìor fhàs nas miosa agus mar as miosa a tha e a' fàs 's ann as lugha de dhaoine a thèid ann, agus gum bi e na leisgeul a dhùnadh buileach," thuirt Chrissie NicCuais.

Tha Banca na h-Alba ag ràdh gu bheil iad tric a' toirt sùil air uairean fosglaidh nam bancaichean aca, nach robh plana sam bith ann an t-seirbheis a ruith sìos agus nach robh e mar phoileasaidh aca an t-seirbheis a thoirt air falbh bho àiteachan dùthchail.