Serco a' beachdachadh a-rithist?

Dh'fhaodadh gum beachdaich Serco às ùr air a bhith a' tagradh 'son seirbheisein aiseig a' chosta an iar, air sàilleamh ghealltanasan mu chòirichean luchd-obrach, a rèir Aonadh an RMT.

Chaidh pàipear tairgse nan seirbheisean fhoillseachadh Diluain, 's tha e a' gealltainn nach caill daoine an dreuchdan an aghaidh an toil.

Chan eil iomradh sa phàipear mu sheirbheisean fa leth, ged a dh'fhaodadh gun tig sin a-mach nuair a thèid tuilleadh fiosrachaidh fhoillseachadh aig deireadh na bliadhna.

Thuirt Serco gun d' fhuair iad am pàipear Dihaoine, gu bheil iad a' meòrachadh air, is gun tig beachd bhuapa fhathast.