Taic do sgeama choimpiutairean-làimhe

Coimpiutair-làimhe Image copyright Getty Images
Image caption Bhiodh cothrom aig sgoilearan eile sa bhun-sgoil na tablaidean a chleachdadh.

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd an taic ri planaichean airson coimpiutairean-làimhe tablaid a thoirt dhan a h-uile sgoilear ann an àrd-sgoiltean na sgìre agus an fheadhainn san dà bhliadhna mu dheireadh den bhun-sgoil.

Thuirt oifigich fhoghlaim aig a' Chomhairle gum bi seo am measg nan rudan air am bi iad ag amas nuair a nì iad an cùmhnant ùr 'son seirbheisean teicneòlais, a thèid a-mach gu tairgse an ath-bhliadhna.

Bhiodh cothrom aig sgoilearan eile sa bhun-sgoil na tablaidean a chleachdadh.

Rinn Comhairle na Gàidhealtachd sgeama pileat mar thà le coimpiutairean-làimhe ann an sgoiltean is tha iad ag ràdh gun do shoirbhich leotha.

Ann an Acadamaidh Alanais, thuirt iad gun do sheall sgoilearan ùidh a bharrachd san obair, is gu dearbh, gun do rinn iad obair nas fheàrr.

An cois na sgeama, bidh cuideachd lùghdachadh an dàrna leth anns na th' ann de choimpiutairean PC.

Thuirt oifigich nach eil fhios aca dè cho cosgail 's a bhios am plana, ach gu bheil iad den bheachd gur e sàbhaladh a bhios ann oir tha coimpiutairean-làimhe nas saoire a cheannach agus a chumail aig ìre.