Cead ga thoirt do sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

Port Rìgh
Image caption Thèid na h-ostailean a th' ann an-dràsta a leagail, nam measg tha togalach eachdraidheil Màiread Charnegie a chaidh a thogail o chionn ceud gu leth bliadhna, le togalach ùr-nodha ga chur nan àite.

Chaidh cead dealbhachaidh a thoirt seachad airson bun-sgoil Ghàidhlig ùr a' thogail ann am Port Rìgh.

Am measg nam planaichean tha togalach eachdraidheil Màiread Charnegie a leagail agus an sgoil ùr a thogail air an làraich.

Thuirt fear de chomairlichean Eilean a' Cheò, Drew Millar, gur e là eachdraidheil a bh' ann.

Ach tha cuid san sgìre fhathast mì-thoilichte mu na planaichean.

Thèid na h-ostailean a th' ann an-dràsta a leagail, nam measg tha togalach eachdraidheil Màiread Charnegie a chaidh a thogail o chionn ceud gu leth bliadhna.

Thèid togalach ùr-nodha a chur nan àite.

Bidh àite ann airson sgoil-àraich, goireasan coimhearsnachd agus pàirce spòrs ri thaobh.

Thuirt Rùnaire Comhairle Coimhearsnachd Phort Rìgh, Catriona Leslie, ge-tà, nach bu chòir togalach eachdraidheil a leagail agus togalach a tha nas coltaiche ri seada a chur na àite.

Thuirt i cuideachd gum biodh e na b' fheàrr an t-sùim airgid - £8m - a chur a dh'ionnsaigh sgoiltean eile anns an eilean.

Chan eil Comann nam Pàrant air an aon ràmh rithe ge-tà.

Thuirt Ionmhaisair na buidhne, Faye NicNèill, nach eil ann an seo ach oidhirp aig a' mhionaid mu dheireadh dàil a chur air a' phròiseact.