Fear sa chùirt mu thubaist-rathaid
- Air fhoillseachadh
Nochd fear-turais Fraingeach ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Leòdhas Diluain fo chasaid gun robh e a' dràibheadh ann an dòigh cunnartach.
Bha seo co-cheangailte ri tubaist-rathaid air an A839 eadar Steòrnabhagh agus Liùrbost mu 4:00f feasgar na Sàbaid.
Chaidh boireannach, a thathas a' tuigsinn a tha sna ficheadan, a ghoirteachadh gu dona.
Thugar a dh'Ospadal nan Eilean i ach chaidh a sgèith an uair sin gu Ospadal Cheann a Deas Ghlaschu.
Cha do rinn Philippe Berger, aois 60 bliadhna, à Dardilly, tagradh sam bith agus chaidh a shaoradh air urras.