Gearain ris an CE mu Chaisteal Leòdhais

Caisteal Leòdhais
Image caption Tha an Caisteal ga leasachadh na thaigh-òsta agus na thaigh-tasgaidh.

Tha buidheann a tha a' ruith thaighean-òsta an Steòrnabhagh air gearain a thogail leis a' Choimisean Eòrpach gun do bhris Comhairle nan Eilean Siar riaghailtean taic stàite mu thimcheall ath-leasachadh Chaisteil Leòdhais.

Tha Kenman Holdings Eta mì-thoilichte le mar a chaidh cùmhnant 'son rumanan spaideil do luchd-turais a thoirt don chompanaidh Natural Assets Investments Eta.

"Thuirt a' Chomhairle gun robh am pròiseas tron deach iad airson companaidh fhaighinn airson an leasachaidh fosgailte agus tro-fhaicsinneach," thuirt Àrd-Stiùiriche Kenman Holdings, Coinneach MacCoinnich.

"Chan eil sinne ag aontachadh, agus tha sinn airson gun tèid a' chùis fheuchainn gu laghail.

Taic-Stàite

"Tha na gearainnean againn stèidhichte air mu 1,500 duilleag de dh'fhianais sgrìobhte a sgaoil a' Chomhairle agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean fo iarrtas Achd Saorsa an Fhiosrachaidh.

"Tha còrr is 40 gnìomhachas beag san sgìre a' cur taic ris an iomairt againn, agus ged a tha iad gu math taiceil don taigh-tasgaidh agus na thathas a' dèanamh shìos an staidhre sa chaisteal, tha dragh mòr orra gum fulaing na gnìomhachasan aca ri linn mar a thèid subsadaidh a chumail ris na h-àiteachan-fuirich a tha gan dèanamh shuas an staidhre," thuirt e.

Thuirt a' Chomhairle gun dèan iad strì an aghaidh a' ghearain.

"Tha sinn misneachail gun deach na pròiseasan co-cheangailte ri Pròiseact Taigh-tasgaidh agus Tasglann Chaisteil Leòdhais a leantainn gu ceart, pròiseas fastaidh a' chompàirtiche obrach nam measg," thuirt Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul.

"Ghabh a' Chomhairle comhairle iomchaidh air gnothaichean Taic-Stàite.

Pròiseas Tagraidh

"Cuiridh sinn an aghaidh iomairt lagha no gearain oifigeil sam bith gu daingeann.

"'S e pròiseact adhartach a tha seo do choimhearsnachd nan Eilean Siar, a chruthaicheas obraichean, a bhios na bhuannachd do ghnìomhachasan air feadh na sgìre, agus a bheir fàs air an turasachd.

"Tha ro-innleachd ùr na turasachd a' togail air àiteachan-fuirich mar fhear de na rudan as motha a tha a dhìth san sgìre, agus e gu h-àraid ag ràdh gu bheil feum air in-ionmhas air farsainneachd agus càilleachd nan àiteachan-fuirich, a rèir na tha daoine a' sùileachadh.

"Bha am pròiseas tron deach an compàirtiche prìobhaideach a lorg ann an 2012 fosgailte agus tro-fhaicsinneach.

"A dh'aindeoin 's gun do chlàr e ùidh sa chùis fhad 's a bha a' chùis a-muigh gu tairgse, thagh Mgr MacCoinnich gun tairgse a chur a-steach, ged a dh'fhaodadh e a bhith air sin a dhèanamh," thuirt e.