Fàilte chridheil air cead-dealbhachaidh sgoile

  • Air fhoillseachadh
Sgoilearan
Fo-thiotal an deilbh,
Thug an iomairt airson an sgoil fhaighinn iomadh bliadhna.

Tha failte chridheil ga cur air an naidheachd gun tèid Bun-Sgoil Ghàidhlig a thogail ann am Port Rìgh, agus Comhairle na Gàidhealtachd air cead-dealbhachaidh a thoirt dhan phròiseact.

Tha dùil gum bi an sgoil ùr deiseil ann an 2017 aig a' char as fhaide.

Bha Faye NicNèill bho Chomann nam Pàrant Phort Rìgh am-measg na bha a' dèanamh gàirdeachais ris an naidheachd, agus i a' dol às àicheadh gu bheil an sgoil Ghàidhlig air sgaradh adhbharachadh sa choimhearsnachd.

"Tha sinn gu math gu math toilichte gu bheil sinn air ruighinn na h-ìre seo mu dheireadh thall," thuirt i.

Sgaradh

"Tha sinn a' faicinn deireadh air a' ghnothach agus gum faigh sin sgoil mu dheireadh thall.

"Tha e uabhasach cudromach dhan eilean, agus cuideachd, dhan Ghàidhealtachd gu lèir.

"Tha Comhairle na Gàidhealtachd air cumail ris a' ghealltanas a thug iad dhuinn airson sgoil Ghàidhlig ann am Port Rìgh, agus cuideachd anns a' Ghearasdan.

"Tha math gu bheil iad a' dèanamh sin," thuirt i.

Chuir Comhairle Coimhearsnachd Phort Rìgh an aghaidh an iarrtais airson cead-dealbhachaidh, agus iad draghail gun deadh togalach ostail eachdraidheil a leagail air a shon. Thuirt Rùnaire na Comhairle Coimhearsnachd, Catriona Leslie, cuideachd gum bu chòir an t-airgead a chosg air sgoiltean eile san eilean, an àite air sgoil Ghàidhlig.

Ach tha a' Bh.Ph. NicNèill ag ràdh nach eil sin a' ciallachadh gu bheil an iomairt air cron a dhèanamh air a' choimhearsnachd.

"Chan eil mise a' creidsinn gu bheil sgaradh anns a' choimhearsnachd," thuirt i.

"Tha beagan dhaoine air a bhith a' cleachdadh nam faclan a tha sin, 's ag ràdh gu bheil sgaradh ann.

Cothroman

"Ach chan eil sgaradh ann. Tha iomadach diofar dhaoine a' fuireach anns an sgìre againn, agus chan eil sgaradh ann.

"Tha daoine ag obrachadh còmhla, 's tha iad a' faighinn air adhart còmhla. Agus tha e cudromach ann an dòigh gu bheil diofar dhaoine 's diofar bheachdan aca.

"Tha fhathast an cothrom ann airson clann a bhith air am foghlamachadh tro Bheurla, 's tha cothroman ann a-niste a tha co-ionnan ri sin anns a' Ghàidhlig.

"Tha sin a' dol a thoirt barrachd chothroman do dhaoine, agus barrachd roghainn dhaibh anns na bliadhnaichean a tha ri tighinn, 's tha sin gu math cudromach," thuirt i.