Corp ga lorg an Loch Abar

  • Air fhoillseachadh

Fhuair luchd-teasairginn a bha a' coimhead airson fireannaich a bha a dhìth agus e air a bhith a-muigh a' sreap ann an Loch Abar lorg air corp.

Chaidh fios a chur gu na seirbheisean èiginn nuair nach do thill Iain Bell, a bha 60 agus à Hertfordshire ann an Sasainn, bho chuairt Diluain.

Chaidh a chorp a lorg Dimàirt le Sgioba Teasairginn Beinne Lochabair, faisg air Càrn Mòr Dearg.

Thuirt Poilis na h-Alba nach robh càil amharasach mun chùis.