Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An Lùnasdal 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Poilis

Tha cuideam ga chur air Rùnaire a' Cheartais mu chasaidean gun do bhris Poilis na h-Alba riaghailtean co-cheangailte ri bhith a' brathadh air luchd-naidheachd. Cuiridh am Pàrtaidh Làbarach gluasad mu choinneimh na Pàrlamaid Albannaich an-diugh a' nochdadh dhraghan mun chùis. Tha seo a' leantainn air aithisg oifigeil a thàinig a-mach air a' mhìos a chaidh, agus a thuirt gun robh dà fheachd poilis ann am Breatainn a' brathadh air luchd-naidheachd gu mì-laghail. Chan eil Poilis na h-Alba air dearbhadh no a dhol às àicheadh aithrisean gum b' iadsan aon de na feachdan sin.

Làraidh-Sgudail

Chaidh innse do rannsachadh tubaist na làraidh-sgudail ann an Glaschu gun robh an dràibhear air comhairle mheidigeach fhaighinn gum bu chòir dha dràibheadh a sheachnadh fhad 's a bha sgrùdadh ga dhèanamh air a shlàinte. Thuirt an comhairliche meidigeach aig First Bus, an Dr. Coinneach Lyons, gun do rinn e sgrùdadh air Harry Clarke là às dèidh dha a dhol gun mhothachadh aig cuibhle bhus ann an 2010. Cha do dh'innis Mgr Clarke do Chomhairle Baile Ghlaschu mu na trioblaidean slàinte aige nuair a chaidh e a dh'obair dhaibh.

BP

Dhearbh BP gun cosg iad £670m a' leasachadh nan raointean ola aca ann am meadhan a' Chuain a Tuath. Thèid tobraichean ùra a tholadh anns na raointean ETAP, 120 mìle an ear air Obar Dheathain, le teicneòlas ùr ga chur an sàs airson barrachd ola a tharraing a-mach àsta. Tha a' chompanaidh an dòchas gun leudaich seo beatha nan raointean gu 2030.

Caisteal Leòdhais

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun robh iad deiseil airson iad fhèin a dhìon bho chasaid gun do bhris iad riaghailtean Taic-Stàite co-cheangailte ri ath-leasachadh Chaisteil Leòdhais. Tha Kenman Holdings Eta, a tha a' ruith thaighean-òsta ann an Steòrnabhagh, air gearain chun a' Choimisein Eòrpaich, agus iad mì-thoilichte mu mar a chaidh an cùmhnant airson seòmraichean aoigheachd a' chaisteil a thoirt dhan chompanaidh Natural Assets Investments Eta.

Afganastan

Thuirt na Dùthchannan Aonaichte gu bheil cùisean air fàs mòran nas cunnartaiche do bhoireannaich agus clann ann an Afganastan bho thàinig an iomairt armaichte aig NATO gu crìch anns an Dùbhlachd. Ann an aithisg tha an UN ag ràdh gu bheil an àireamh de bhoireannaich a chaidh a leòn no a mharbhadh ann an sabaid air a dhol an-àirde cha-mhòr an ceathramh cuid, le àrdachadh den ochdamh cuid ann an àireamh na cloinne. Tha a' bhuidheann air iarraidh air na Taliban sguir a bhith a' toirt ionnsaigh air sìobhaltaich.

Tha timcheall air 250 saighdear bho Rèiseamaid Rìoghail na h-Alba air an dùthaich fhàgail 's iad gan cur a-null a dh'Afganastan. Cuidichidh na saighdearan bhon 2na Battalion Fusiliers Rìoghail na Gàidhealtachd le a bhith a' trèanadh airm na dùthcha, a thuilleadh air a bhith a' cumail cùl-taic ris an iomairt sìthe eadar-nàiseanta.