Belladrum air tòiseachadh
- Air fhoillseachadh

'S iad na Proclaimers a dh'fhosgail an fhèis oidhche Ardaoin.
Thòisich an fhèis chiùil Belladrum, ann am Beul Atha an Droma faisg air a' Mhanachainn oidhche Ardaoin.
'S e seo an 12na bliadhna den fhèis, 's i air a leudachadh am-bliadhna air sgàth na tha de dhaoine airson a dhol thuice.
'S iad na Proclaimers a dh'fhosgail an fhèis - a' chiad turas a tha còmhlan mòr air a bhith ann oidhche Ardaoin.
Tha dùil ri mu 15,000 duine aig an fhèis a bhios a' dol gu Disathairne, leis na Kaiser Chiefs agus Idlewild am measg nam prìomh chòmhlan a nochdas.
Tha ceòl Gàidhlig cuideachd ri chluinntinn aig seiseanan sònraiche ann an teampall Bhelladrum Dihaoine agus Disathairne.