Togail do Thaigh-Tasgaidh chille Mhàrtainn

Taigh-Tasgaidh Chille Mhàrtainn Image copyright Taigh-Tasgaidh Chille Mhàrtainn
Image caption Tha cuid de na gnothaichean as sine anns an Rìoghachd Aonaichte anns an taigh-tasgaidh, cuid dhiubh a' dol gu 3,000 RC.

Tha Taigh-Tasgaidh Chille Mhàrtainn ann an Earra-Ghàidheal a-nis ceum nas fhaisge air ath-leasachadh luach nam milleanan notaichean.

Tha Maoin-Dualchais a' Chrannchuir Nàiseanta air taic a chur ri iarrtas airson taic-airgid, luach còrr 's £3m, a bharrachd air £400,000 a thoirt seachad gus na planaichean a leasachadh.

An-dràsta, tha cuid de na gnothaichean as sine anns an Rìoghachd Aonaichte anns an taigh-tasgaidh, cuid dhiubh a' dol gu 3,000 RC.

Dh'fhosgail an taigh-tasgaidh ann an 1997, ach tha e a-nis a' feumaichdainn ath-leasachaidh.

Tha an cead a tha iad a' faighinn an t-seachdain seo a ciallachadh gu bheil iad ceum nas fhaisge air taic-airgid bho Mhaoin-Dhualchais a' Chrannchuir luach £3.1m, a bheireadh dhaibh an cothrom an taigh-tasgaidh atharrachadh agus àrdachadh a thoirt air an àireamh de luchd-tadhail a ghabhas e.

Am measg nam planaichean, tha gailearaidh ùr a thèid a thogail gus gnothaichean nach fhacas roimhe a shealltainn dhan phoball, agus cuideachd tuilleadh thachartasan a chur air dòigh aig an taigh-tasgaidh.